Balaich an Iasgaich

Описание к видео Balaich an Iasgaich

Fàilte gu fearann air balaich an iasgaich,
Iomradh, is tarruing is gearradh a’ bhiathaidh;
Coma leam leabaidh no cadal no biadh
Gu faigh mi lìon an òrdugh.

Tha ’n geamhradh cho fada ’s an gaillionn cho cruaidh,
Droch shìde le cabhadh, clach-mheallain is fuachd,
Cha mhór tha chur-seachad aig balaich ’an Ruaidh
Ach céilidh is bualadh eòrna.

Thig an Fhéill Phàdruig mu’m pàigh sinn na fiachan
Ri dorghach nam biorach air slios an Taoibh Siair;
Tha prìs air an langainn an Sasuinn am bliadhna
’S gheibh mi mo lìon an òrdugh.

Bidh riasladh is màladh air ràmh agus cliabh
Gun iaradh no tàmh eadar àiteach is lìon;
Thug Cailean a làmh dhomh nam paigheadh an t-iasg
Gu faodainn Cairstìona phòsadh.

’S i leabaidh as fheàrr leam na gàbhadh nan tonn;
Tha plaide mo mhàthar ’s mo làmh fo mo cheann
Nas fheàrr na bhith lapadh ri fasgadh nan crann
Ag éisdeachd ri srann nan ròpan.

Sud agaibh na balaich nach gearain air cruadal
Sìnt’ air a’ bhallaist gun pheallaig m’an uachdar,
Còignear no seisear ’s an lethcheann air cluasaig,
Ulpagan cruaidhe Cheòsain.

Nuair thig sinn á Gallaibh ’s a thogar am bàrr,
Bheir bùth Sheumais Chaluim dhuinn preasain air dhàil;
Bidh dùil ’am bho Chailean ri feannag no dhà,
’S bheir m’athair a’ phàirc is bó dhuinn.

Nam faighinn Cairstìona chan iarrainn a chaoidh
Ach bothan beag riabhach is sìoman m’a dhruim,
Sabhal is bathach is stàbhag bó-laoigh,
Gearran beag donn is òisgean.
---
http://www.smo.uhi.ac.uk/gaidhlig/all...

---
Composer : Dòmhnull Iain Moireasdan
---
Tongue: Gaelic Scotland
---
Band: Robert Robertson Ceilidh Band
Vocal: Robert Robertson : https://www.facebook.com/robertrobert...
----
of Tide Lines

Комментарии

Информация по комментариям в разработке