Fuadaichean (Clearances) [Official Video]

Описание к видео Fuadaichean (Clearances) [Official Video]

Available to download
https://skipinnish.ffm.to/fuadaichean

Follow us:-
Facebook   / skipinnish  
Twitter @Skipinnish
Instagram skipinnish_


Fuadaichean (Clearances)

Guma slàn le stacan Mhiùlaigh
Is tràighean Shanndraidh bhàn,
Agus geòla làn gu gualainn
A’ bualadh tuath air an làn.

Is mise Dòmhnall Francis MacNèil.
’S e an t-iasgach an smior tha nam chnàimh.
Mo bheòshlaint’ le clèibh mu na tràighean
Gu dachaidh is teaghlach bhith slàn.

Tha mi leantail ri saothair mo shinnsear
A’ strìth air iomall a’ chuàn
Ach gu truagh bidh sin air a spìonadh
Agus crìdh’ mo bhith-beò air thoirt bhuam.

Air gach stac is bogh’ tha mi eòlach
Bho m’ òige a’ togail mo chiùirt,
Ceòl-mara an eunlaith mun cuairt orm,
Fìrinn na mara nam chluais;

Sàil nam fhèithean ga ghluasad
As an iarmailt gu grunnd a’ chuain
Torradh nam bàgh a bhiodh buan dhomh –
Fir-brèige an ìmpis thoirt bhuam.

Aineolas muinntir nam bailtean-
Fasan gan tàladh gun smuain
Gu sloightearachd aig am bi buaidh orm –
Teachd-an-tìr air a sguabadh bhuam.

Gura daor a cheannaich mo shinnsear’
Cead air am fearann a bhuain
Ach a-nis bidh mo chànan ’s mo dhualchas
Air a sgrìobadh bhuam gun truas.

Mo dhòigh-beath’ air a mheas gu suarach
Gun ghuth air gach cleachdadh bu dual -
Fuadach gar bualadh san linn seo,
Beul-bòidheach a’ choigrich toirt buaidh.

Ach togamaid àrd ar n-òran
Bho Nis gu Lindisfarne.
Chan e fir-tàilisg a th’ annainn
Gar gluasad mun cuairt air clàir.

Tha ar n-òran a’ strìth ri na siantan,
“Mayday” dol a-mach air an làn.
Ar cuid chloinne len còirichean dìonta
Cha dìobair sinne gu bràth.

Комментарии

Информация по комментариям в разработке